Skip to main content | Skip to section menu | Access keys.

Clackmannanshire Council Online

Plana Chànain Gàidhlig

Plana Chànain Gàidhlig

Tha Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann ag aithneachadh gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt chudromach de dhualchas na h-Alba, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail an latha an-diugh. Airson cànan agus cultar na Gàidhlig a ghlèidheadh, tha feum air Plana Gàidhlig a bhith aig gach comhairle ann an Alba.

Chaidh Achd na Gàidhlig (2005) a chur tro Phàrlamaid na h-Alba ann an 2004. Tha am plana ag amas air inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh mar chànan oifigeil air a bheil an aon mheas ris a' Bheurla ann an Alba. Dh'aontaich Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann Plana Gàidhlig a' chruthachadh aig coinneamh san Dàmhair 2013.

Tro 2014 thèid Plana Gàidhlig a leasachadh a thèid fhoillseachadh sa Ghearran 2015.

Bidh am Plana Gàidhlig mar shẹrsa de fhrèama poilisidh airson a' Ghàidhlig a leasachadh taobh a-staigh seirbheisean na Comhairle, c̣mhla ri bhith ag aithneachadh cho cudromach sa tha Gàidhlig ann am foghlam, cultar, beatha sḥisealta agus eacanomaigeach taobh a-staigh Siorrachd Chlach Mhanann.

Tha Comhairle Siorrachd Chlach Mhanann a' cur an làn thaic ri rùn Achd na Gàidhlig (2005) agus amasan na plana nàiseanta a thàinig às an Achd. Tha sinne a' cur romhainn ar n-uile dh́cheall a dhèanamh airson inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh agus a cumail bẹ gu ṣnraichte sam àm ri teachd ann an Alba mar phàirt chudromach de dhualchas chultarail ar dùthcha.

Tha sinne airson ar taic a chur ri ath-bheothachadh a' chànain agus obraichidh sinn ann an dlùth chàirdeas le Ḅrd na Gàidhlig agus ar luchd-com-pàirt dealbhachaidh coimhearsnachd airson na h-amasan seo a chur an gńomh. Cuiridh sinn a' Ghàidhlig air adhart ann an obair chorporra na comhairle agus bheir sinn a h-uile misneachd do dhaoine a tha airson a h-ionnsachadh agus a cleachdadh, gu ṣnraichte ann an cuid a sheirbheisean, leithid foghlam agus cur-seachadan.

Related Publications & Documents

For Further Information Contact

Education & Schools
Kilncraigs, Greenside Street, Alloa, FK10 1EB
Tel: 01259 450000
Email: